GAELIC WORDS FOR  SOME OF OUR MOD SONGS
An Gaol A Thug Mi Òg

Tugainn Leam Thar Sàile

Mo Rùn Chailin

Nuair Thig Oirnn An Samhradh

Cèol nan Teud

Cèol nan Cruinneag



CLICK HERE FOR ENGLISH TRANSLATIONS

CLICK HERE FOR MUSICAL STAFF NOTATION
 
 

AN GAOL A THUG MI ÒG
(The love I gave when young)
 
 
1. Sa mhadainn Chéitein 'nuar tha'n drùchd cho ciùin air bhàrr an fheòir, 
'S na lusan maoth cho maiseach ùr a dùsgadh suas nan glòir, 
'S a' ghrian a' boillsgeadh air an gnùis mar sheudan mùirneach òir, 
Tha sin gu tric a' toirt gu'm smaoin an gaol a thug mi òg. 
 
2. 'Nuair chì mi'n rìbhinn mhaiseach chiùin le rùn gun fhoill gun ghò, 
'S a' leannan ghaoil do'n tug i ùidh le sùnnd a buain nan ròs, 
'S a' chì mi'n t-òigear fearail caobh a' seinn ri taobh na h-òigh 
Tha sin gu tric a' toirt gu m' smaoin an gaol a thug mi òg. 
 
3. Faodaidh lusan éirigh suas tha 'n diugh 'nan suain fo 'n fhòd, 
'S 'nuair thig an samhradh sèimh mu 'n cuairt bidh luath-ghair aig na h-eòin, 
Thig iomadh caoch-ladh oirnn nach saoil 's cha bhi iad saor o bhròn, 
Tha sin gu tric a' toirt gu m' smaoin  an gaol a thug mi òg.
TUGAINN LEAM THAR SÀILE
(Come with me across the sea)
Chorus 
Tugainn leam thar sàile null gu tìr mo ghràidh-sa, 
Tugainn null air chuairt leam don eilean uain' as àille, 
Tugainn leam thar sàile. 

1.Chì thu Beinn na Caillich ann, Sgùrr Alasdair is Marsco, 
Chì thu Sgùrr nan Gillean ann, Glamaig is Sgùrr Theàrlaich, 
Tugainn leam thar sàile 

2. Thèid mi leat do Dhiùrinis 's chì thu Dùn MhicLeòid ann, 
Chì thu mullach Ullinis, na Maighdeanan 's Dùn Osdail, 
Tugainn leam thar sàile. 

3. Chì thu bhuat na cladaichean, Loch Stafainn is muir làn air, 
Na tuinn a' bristeadh bòidheach air is lòin a ruith gu tràigh ann, 
Tugainn leam thar sàile. 

4.Chì thu cleit an Stòrr as, Rònaidh 's monadh Gheàrrloch, 
Chì thu fada farsainn bhuat, beanntan cas' Chinn t-Sàile, 
Tugainn leam thar sàile. 
 
 
MO RUN CHAILIN
My Darling Girl

Seist
A chailin mo chridhe, 
A chailin mo ghaoil,
Och nan och, mo rùn chailin,
'Struagh nach robh mi ri d' thaobh

Rann 1
'Struagh nach robh mise mar riut,
Ann an gleannan an fhraoich,
Gun bhi 'g éisdeachd ar n-aithris,
Ach na h-aighean 's na laoigh

Rann 2
Gun bhi 'g éisdeachd ar brìodail,
Neach a dh'ìnnseadh do'n  t'saogh'l,
Gun do gheall sinn bhi dìleas,
Ann an dìomhaireachd gaoil.

Rann 3
Bidh sinn eibhneach ri 'r maireann,
Gheibh sinn aighear nach saoil,
Chaoidh cha tréig sinn ar gealladh,
'S cha tig mealladh le aois.

 
NUAIR THIG OIRNN AN SAMHRADH
(When Summer Comes)

Rann 1
Nuair thig oirnn an samhradh, b'e mannsachd 's mo bhiann,
Bhi direadh a' bhealaich, nuair dh' éireas a' ghrian,
Am feur air na raointean, fo eallach de dhriùichd,
Is lùb air gach cuiseig, gach lus agus flùr,
Is lùb air gach cuiseig, gach lus agus flùr

Rann 2
Bu shunndach bhi 'g éisdeachd, 's an òg mhaduinn chiuin,
Ri ceilear na h-uiseig Braigh lòintean an driùichd,
I seinn òrain maidne, le grinneas 's gach pong,
'S gach eun anns an ealtainn, a' togail air fonn,
'S gach eun anns an ealtainn, a' togail air fonn.

Rann 3
Tha'n smeorach gu cridheil, 's an doire ud thall,
A' chuthag 's gùg-gùg aic', Air mullach nan crann,
Grian òirdhearc a' boillsgeadh, troimh dhùmhlachd nan geug,
'S an driùichd air gach duilleig, a' dearrsadh mar reul,
'S an driùichd air gach duilleig, a' dearrsadh mar reul.

Rann 4
Ged bhithinn fo mhighean, is m' inntinn fo leòn,
Mi airsneulach tùrsach, neo-shunndach gun treòir,
Ged bhithinn gun spéiread is m'aigne fo phràmh,
'S e dh'fhuadaicheadh m'eisléan bhi 'g éisdeachd nan dàn,
'S e dh'fhuadaicheadh m'eisléan bhi 'g &eacuteisdeachd nan dàn.


 

CEOL NAN TEUD

(Music of the Strings)

Rann 1

Feasgar Luain is mi air chuairt, gun cualas fuaim nach b'fhuathach leam,

Cèol nan teud gu h-òrdail rèidh, is coisir d'a rèir os a chionn

Thuit mi'n caochladh leis an iongnadh, a dh'aisig mo smaointean a null,

'S chuir mi'n cèill gun imichinn cèin, le m'aigne fèin 'se co-sreap rium.

Rann 2

Chaidh mi steach an ceann na còisridh, an robh òl is ceòl is danns',

Rìbhinnean is fleasgaich òga, 's iad an òrdugh grinn gun mheang,

Dhearcas fa leth air na h-òighean, le rosg fòil null 's a nall,

'S ghlacadh mo chridh' 's mo shùil còmhla,

'S rinn an gaol mo lèon air ball.

Rann 3

Mar ghath grèin' am madainn Chèit, gun mheath i mo lèirsinn shùl

'S i ceumadh ùrlair gu rèidh iompaidh, do rèir pongannan a' chiùil,

Ribhinn mhodhail, 's fìorghlan fòghlum, dh'fhìon fhuil mhòrghalach mo rùin,

Reul nan òighean grian gach còisridh, 's i 'n chiall chòmhraidh, cheòlbhinn chiùin.

Rann 4

Beir soraidh uam do'n rìbhinn shuairc, de'n chinneadh mhòr as uaisle gnàths',

Thoir mo dhùrachdsa ga h-ionnsaigh, 's mi'n deagh rùn d'a cùl-bhuidh bàn,

'S nach bruadar cadail a ghluais m'aigne, 's truagh nach aidiche dhomh tàmh,

'S ge b'ann air chuairt, no thall an cuan, gum bi mi smuainteach ort gu bràth,

Smuainteach ort gu bràth.

 

CEOL NAN CRUINNEAG

(Music of the Strings)

Rann 1

Moch air madainn chiùin Chéitein nuair a 'dh'èireas a' ghrian

Leam bu bhinn a bhi 'g éisdeachd guth gach creutair fo rian

A' cur failte na maidne air na gathannan fial

Bha cho aoidheil a' sgaoileadh blàths air aonach is sliabh

Seist

'Se bu bhinne ceòl nan cruinneag mach air innis a' chrò

'S iad gu h-uallach gabhail dhuanag 'n àm bhi cuallach nam bò

Rann 2

Shuas an creachann a' chlamhain 's fonnar langan an fhéidh

'S an crodh laoidh air a' bhuaile 'nuair is nuallanach geum

Caora sireadh a h-uainean 's tiamhaidh fuaimneach a méil

Mar sin 's miogadaich ghobhar 'n àm bhi bleoghan an treud

Rann 3

Nuair a chluichear an fhiodhall 's binn leam briosgadh nam teud

Agus nuallan na pìoba 'nuair is cinnteach a gleus

'S fonnar torman na clàrsaich ann an talla nan ceud

'S gach cruit chiùil chaidh riamh thuradh fhuair iad urram gu léir

Rann 4

Ach 'nuair sheinneas na h-òighean air a' chòsaig 's a chéit

Bidh gach eun anns an ealtainn 'g éisdeachd faic'lleach ri'n téis

H-uile feudail le dùrachd tarruing dlùth dhaibh le spéis

'S iad a' beiceadh le sòlas ris a' cheòl is binn séist

RETURN TO TOP

Back to Choir home page Click here to learn about our Music about Taynuilt Choir info page Click here to go to our links page